609. Leanabh an Àigh

1. Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig do'n fhàsach, dh'fhuiling 'n ar n-àite
Son' iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!

2. Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fasaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.

3. Cha b'ionann 's an t-Uan thàinig gur fuasgladh
Iriosal, stuama ghluais e'n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh'éirich e suas le buaidh o ùir.

4. Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean;
'S na h-àinglean àrd', b'e miann an sùl;
'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà
Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.

Text Information
First Line: Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Title: Leanabh an Àigh
Author: Màiri Dhòmhnallach (Mary Macdonald) (1817-90)
Language: Scottish Gaelic
Topic: Christmas
Source: Laoidhean Nollaig (website; link broken)
Tune Information
Name: BUN EASAIN (BUNESSAN)
Composer: Anonima
Source: Ancient Gaelic Melody



Media
MIDI file: Bunessan
More media are available on the text authority and tune authority pages.

Suggestions or corrections? Contact us